Letra A Chatrion' Òg (Young Catriona) de Julie Fowlis

Letra de A Chatrion' Òg (Young Catriona)

Julie Fowlis


A Chatrion' Òg (Young Catriona)
Julie Fowlis
(0 votos)
A Chatrion' òg 's tu rinn mo leòn,
's tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi,
mi 'n diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
a' sileadh dheur 's mi turraman.
Ach 's i mo mhàthair rinn an call
nuair chuir i shealg na tunnaig mi.
Nuair ràinig mi an linne chaol
's ann bha mo ghaol a' sruladh innt'.
'S e an gunna caol a rinn do leòn
's cha dèan mi òirleach tuilleadh leatha.
Ged thèid mi suas dhan bhail' ud shuas
cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Ged thèid mi dhan taigh ud shìos
cha chuir Catrìona furan orm.
O Rìgh nan Dùl cùm rium mo chiall
Cha robh mi riamh cho cunnartach,
's a Chatrìon' òg 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.


Comparte A Chatrion' Òg (Young Catriona)! con tus amigos.


Que tal te parece A Chatrion' Òg (Young Catriona) de Julie Fowlis?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente