Letra An Roghain Dain Do Eimhir XXII (The Choice) de Julie Fowlis

Letra de An Roghain Dain Do Eimhir XXII (The Choice)

Julie Fowlis


An Roghain Dain Do Eimhir XXII (The Choice)
Julie Fowlis
(0 votos)
Choisich mi cuide ri mo thuigse
a-muigh ri taobh a' chuain;
bha sinn còmhla ach bha ise
a' fuireach tiotan bhuam.

An sin thionndaidh i ag ràdha:
A bheil e fìor gun cual
thu gu bheil do ghaol geal àlainn
a' pòsadh tràth Diluain?

Bhac mi ‘n cridhe bha ‘g èirigh
‘nam bhroilleach reubte luath
is thubhairt mi: Tha mi cinnteach;
carson bu bhreug e bhuam?

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
an rionnag leugach òir,
gum beirinn oirre ‘s gun cuirinn i
gu ciallach ‘na mo phòc?

Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
an èiginn chruaidh na Spàinn
is ciamar sin bhiodh dùil agam
ri aon duais ùir an dàin?

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
bheag ìosal thioram thlàth,
is ciamar sin a choinnichinn
ri beithir-theine ghràidh?

Ach nan robh ‘n roghainn rithist dhomh
‘s mi ‘m sheasamh air an àird,
leumainn à neamh no iutharna
le spiorad ‘s cridhe slàn.


Comparte An Roghain Dain Do Eimhir XXII (The Choice)! con tus amigos.


Que tal te parece An Roghain Dain Do Eimhir XXII (The Choice) de Julie Fowlis?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente