Letra Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) (The Song Of Fear Heisgeir) de Julie Fowlis

Letra de Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) (The Song Of Fear Heisgeir)

Julie Fowlis


Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) (The Song Of Fear Heisgeir)
Julie Fowlis
(0 votos)
Gura mis' tha fo mhìghean,
'S mi leam fhìn air a' chnoc,
Fada, fada, bho m' chàirdean,
Ann an àite ri port;

Gus am facas do bhàta,
Le siùil àrda ri dos,
Tigh'nn a-steach chun na h-Àirde
'S mac an àrmainn air stoc.

Mac an àrmainn air stiùir,
A tigh'nn a dh' ionnsaidh an Troit;
Gu bheil an caolas a' beucadh,
'S muir ag èirigh mu slait;

Tha do làmh-sa cho gleusta,
'S nach do thrèig ise neart;
Ged a thigeadh muir dubh-ghorm,
Chuireadh sgùradh a-steach.

'S ged bhiodh cìosnachadh mar' ann,
'Bhuileadh barraibh a crann,
'Chuireadh dh' ionnsaigh a slat i,
'S luaithe h-astar na long;

Bhiodh i aigeannach, aotrom,
'G èirigh eadar gach gleann,
'S muir a' bualadh mu darach,
'Fuasgladh reangan is lann.

Bu tu sgiobair na fairge,
Bu tu fear falmadair grinn,
Gur tu b' urrainn a stiùireadh,
'Nuair a dhiùltadh iad i;

Ged a bheireadh iad thairis,
'S iad na laighe 's an tuim,
Chumadh tusa i cho gàireach,
Gus an tàrradh i tìr.

Chan eil aon rubha cladaich,
Eadar seo 's a Chaoir-dhearg,
Eadar Lìte 's gach cala,
'N dèanta fantainn neo falbh;

Chan eil maighstir soithich,
Chuala feothas do làimh,
Nach bi faighneachd, 's a feòrach',
Càite faighte do bhàt'.

Iùbhrach àlainn, 's i fallainn,
'S i ri gabhail a' chuain,
I ruith cho dìreach ri saighead,
'S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh;

Ged bhiodh stoirm chlacha'-meallain
Ann, 's an cathadh a tuath,
Nì Fear Heisgeir a gabhail
Làmh nach athadh ro 'n stuaigh.

Tha Fear Heisgeir a' tighinn;
Bu tu ceann-uidhe nan ceud,
Bu tu ceann-uidhe na cuideachd,
'S cha bu sgrubaire crìon;

'N àm ruighinn do bhaile,
Seal mu 'n cromadh a' ghrian;
Bu tu mac an deagh athair,
Bha gu mathasach riamh.


Comparte Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) (The Song Of Fear Heisgeir)! con tus amigos.


Que tal te parece Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) (The Song Of Fear Heisgeir) de Julie Fowlis?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente