Letra Oran do'n Mhorairne de Griogair Labhruidh

Letra de Oran do'n Mhorairne

Griogair Labhruidh


Oran do'n Mhorairne
Griogair Labhruidh
(0 votos)
E ho ro mo rùn am fearrann
E ho ro mo rùn am fearrann
Mo ghaol a' Mhorairne bhòidheach
Far an robh mi òg 'nam leanabh

'S bòidheach tha dà thaobh loch Suaineart
Sròn an t-sìthein grianach uaine,
Labhdail an Gleann 's Rathuaidhe
Far an robh 'n "Doctair Ruadh" 'na leanabh

E ho ro mo rùn am fearrann
E ho ro mo rùn am fearrann
Mo ghaol a' Mhorairne bhòidheach
Far an robh mi òg 'nam leanabh

'S 'o bhàrr an t-Sìthein chithinn còmhla
Gach glean, loch is eileanan bòidheach
Beinn Shianta bhuidhe fo neòinein
Tìr a' bhainne 'n fheòir 's a' bhairich

E ho ro mo rùn am fearrann
E ho ro mo rùn am fearrann
Mo ghaol a' Mhorairne bhòidheach
Far an robh mi òg 'nam leanabh

Nam biodh ceartas aig luchd cosnaidh
'S gun na h-uachdarain bhith cho moiteil
'S mi nach fhàgadh tìr an t-Soisgeil
Airson fortan rìoghachd aineoil

E ho ro mo rùn am fearrann
E ho ro mo rùn am fearrann
Mo ghaol a' Mhorairne bhòidheach
Far an robh mi òg 'nam leanabh

Sorraidh bhuam thar chuan gu m' chàirdean
Gu m' luchd-dùthch' 's gach comunn Gàidhlig
'N latha chì 's nach fhaic 's gu bràth
Gu math slàn 's na miltean beannachd

E ho ro mo rùn am fearrann
E ho ro mo rùn am fearrann
Mo ghaol a' Mhorairne bhòidheach
Far an robh mi òg 'nam leanabh


Comparte Oran do'n Mhorairne! con tus amigos.


Que tal te parece Oran do'n Mhorairne de Griogair Labhruidh?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente